A' Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a SgaoileadhA rèir Reachdan Ìdhe ann an 1616 bu chòir do sgoil a bhith anns gach parraist air feadh na h-Alba le Beurla mar mheadhan teagaisg. Ach cha robh siostam nam paraistean gu math stèidhichte air feadh na dùthcha. Mar sin chaidh an A' Chuideachd Urramach a tà chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh air Feadh Gàidhealtachd agus Eileana na h-Alba[1] (Society in Scotland for Propagating Christian Knowledge (SSPCK)) a stèidheachadh le cairt rìoghail ann an 1709 agus fhuair iad cead bhon chrùin airson sgoiltean a thogail anns na roinnean iomallach na h-Alba, gu h-àraid air a' Ghàidhealtachd, a bha anns an linn sin a' gabhail a-steach na h-Eileanan Siar. Bha còig sgoiltean aca ann an 1711; 25 ann an 1715 agus 176 ann an 1758. Ann an 1795 bha 323 sgoil gu lèir aca, a ghabh a-steach 96 sgoil-obrach far an do dh’ionnsaich clann-nighean banas-taighe agus snìomh. Dh'fhàs àireamh nan sgoiltean rud beag na bu lugha anns an 19mh linn air sgàth 's gun do thòisich buidhnean eile a bhith an sàs ann an fhoghlam cuideachd, ach bha 270 sgoil aca ann an 1872, a bha a' gabhail a-steach 76 sgoil-fuaigheil. [2]. B' e teagasg fhoghlaim Chrìosdail agus litearrachd na prìomh amasan a bh' aca. Seo na bun-bheachdan den SSPCK ann an 1716:
An toiseach cha robh iad soirbheachail le a bhith a' teagasg tro mheadhan na Beurla, air sgàth 's nach robh na sgoilearan a' tuigsinn ciall nan teacsaichean. Mar sin dh'fhoillsich an SSPCK "Leabhar a Theagasc Ainminnin" ann an 1741 agus Bìoball Gàidhlig ann an 1767 a chaidh a chleachdadh anns a' chiad dà bhliadhna mar "drochaid airson greim nas fhasa fhaighinn air a' Bheurla" [4]. Ach bha e toirmisgte Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh nan seòmraichean-teagaisg [3]. Iomraidhean
Tùsan
|