Afraga a Deas
stàit neo-eisimeileach , dùthaich Pàirt de Southern Africa Cur air cois 31 dhen Chèitean 1910 Participant in BASIC countries Neach bhon àite Suid-Afrikaner , South African , Sud-africaine , Sud-africain Laoidh national anthem of South Africa Culture culture of South Africa Motto Unity in Diversity Motto ǃke e: ǀxarra ǁke , Ex Unitate Vires , Inspiring new ways , Undod drwy Amrywiaeth Mòr-roinn Afraga Dùthaich Afraga a Deas Prìomh-bhaile Pretoria , Bloemfontein , Baile a' Chip Roinn-tìde UTC+02:00 , UTC+03:00 , Africa/Johannesburg Faisg air an uisge South Atlantic Ocean , Cuan Innseanach Domhan-leud is -fhad 29°0′0″S 24°0′0″E Coordinates of easternmost point 26°51′32″S 32°53′27″E Coordinates of northernmost point 22°7′40″S 29°39′30″E Coordinates of southernmost point 34°50′5″S 20°0′0″E Coordinates of westernmost point 28°38′0″S 16°27′15″E Puing as àirde Mafadi Lowest point Cuan Innseanach Basic form of government parliamentary republic , representative democracy Oifis aig ceann-stàite Ceann-suidhe Afraga a Deas Ceannard na stàite Cyril Ramaphosa Oifis aig ceann an riaghaltais Ceann-suidhe Afraga a Deas Ceannard an riaghaltais Cyril Ramaphosa Executive body Government of South Africa Legislative body Parliament of South Africa Highest judicial authority Constitutional Court of South Africa Central bank South African Reserve Bank Currency rand Baile-céile Aisai Driving side left Electrical plug type Europlug , AC power plugs and sockets: British and related types , BS 546 , IEC 60906-1 Na bh’ann roimhe South Africa during apartheid Cuspair eòlais South African studies Làrach-lìn https://www.gov.za/ Hashtag SouthAfrica Top-level Internet domain .za Bratach flag of South Africa Gearradh-arm Coat of arms of South Africa Geography of topic geography of South Africa Feart free country History of topic history of South Africa Railway traffic side left Open data portal DataFirst Statistics South Africa , South Africa Data Portal Economy of topic economy of South Africa Demographics of topic demographics of South Africa Mobile country code 655 Country calling code +27 Trunk prefix 0 Emergency phone number 112 GS1 country code 600-601 Licence plate code ZA Maritime identification digits 601 NCI Thesaurus ID C17151 Caractar Unicode 🇿🇦 Category for maps or plans Category:Maps of South Africa
'S e dùthaich ann an ceann a deas Afraga a th' ann an Afraga a Deas [ 1] [ 2] [ 3] ainm oifigeil: Poblachd Afraga a Deas .[ 4] [ 5] Tha mu 45 millean duine a' fuireach anns an dùthaich seo. Tha Afraga a Deas ri taobh Naimibia , Botsuana , Siombabue , Mòsaimbic agus Dùthaich nan Suasaidh . Tha dùthaich bheag air a chuairteachadh le Afraga a Deas, 's e Leasoto a tha oirre. B' e Nelson Mandela an duine as cliùitiche aig Afraga a Deas. Bha e na cheann-suidhe bho 1994 gu 1999 .
Bailtean
'S e Johannesburg am baile as motha a th' ann; tha trì prìomh-bhailtean aig Afraga a Deas, agus 's iad Cape Town , Pretoria agus Bloemfontein . A bharrachd air sin, tha iomadach baile eile ann, mar Mbewuleni , Mvezo , Paul Roux agus Qunu .
Cànain
Tha aon chànan deug ann: Afraganais , Beurla , isiNdebele , Xhosa , Zulu , Swati , Setswana , Sesotho , Sesotho sa Leboa , Tshivenda agus Xitsonga . Ri linn seo, tha ainm oifigeil fa leth aig gach cànan air an dùthaich.
Eaconomaidh
Tha sgaradh mòr ann an eaconomaidh Afraga a Deas eadar coitcheannan a' Chiad Shaoghail agus an Treasamh Saoghail. Tha na roinnean leasaichte den eaconomaidh gu math coltach ris an fheadhainn aig dùthchannan beartach, den leithid an Rìoghachd Aonaichte no Astràilia . Tha a' chuid eile nas dlùithe ris na dùthchannan bochda, mar na h-Innseachan no Pagastàn . 'S e mèinnearachd (airson a' mhòr chuid daoimean agus òr ), càraichean agus urrasachd na prìomh gnìomhachasan a th' ann an Afraga a Deas.
Feachdan armaichte
Blyde River Canyon , Afraga a Deas
'S e na feachdan armaichte as treasa ann an Ceann a Deas Afraga a tha aig Afraga a Deas. Tha e a' cosg barrachd air feachdan armaichte na nàbaidh sam bith aige agus ri linn seo 's e an teicneòlas as adhartaiche a tha anns an roinn aige.
B' àbhaist airm niùclasach a bhith aig Afraga a Deas ach chaidh an cur à feum ann an 1993 .
Duilgheadasan le HIV
Tha mòran dhaoine ann an Afraga a Deas a' fulang le HIV agus AIDS . Tha an suidheachadh gu math èiginneach le còrr is fichead às a' cheud anns an t-sluagh a' fulang leatha.
Spòrs
'S e criogaid , rugbaidh agus ball-coise nan spòrsachan as motha ann an Afraga a Deas. Nuair a bha Apartheid ann, bha bacadh air sgioban spòrs à Afraga a Deas.
Ainmean eile
Camel Rock , Rooiberg, Afraga a Deas
Tha 11 chànan oifigeil eile aig Afraga a Deas.
Republiek van Suid-Afrika (Afrikaans )
Republic of South Africa (Beurla )
IRiphabliki yeSewula Afrika (IsiNdebele )
IRiphabliki yaseMzantsi Afrika (IsiXhosa )
IRiphabliki yaseNingizimu Afrika (IsiZulu )
Rephaboliki ya Afrika-Borwa (Sepedi )
Rephaboliki ya Afrika Borwa (Sesotho )
Rephaboliki ya Aforika Borwa (Setswana )
IRiphabhulikhi yeNingizimu Afrika (SiSwati )
Riphabuḽiki ya Afurika Tshipembe (Tshivenda )
Riphabliki ra Afrika Dzonga (Xitsonga )
Iomraidhean
↑ Am Faclair Beag
↑ Dùthchannan aig SMO
↑ Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391
↑ Atlas Sgoile Oxford le Stòrlann Nàiseanta, Oxford University Press (2010)
↑ Map-balla an t-Saoghail, Stòrlann Nàiseanta (2003), ISBN 0007692714
Ceanglaichean a-muigh
Commons
Tha dealbhan ann an
Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: