Aimearaga a Deas'S e mòr-roinn a th' ann an Aimearaga a Deas , aon de na seachd mòr-roinnean, agus 's e pàirt de na h-Aimearagan. Tha an Cuan Siar air taobh an ear, agus an Cuan Sèimh air an taobh an iar, agus tha am Muir Caraibeach air an oirthir a tuath. Ged a tha Aimearaga Mheadhanach ann an Aimearaga a Tuath, san fhirinn, gu tric tha e cruinnichte le Aimearaga a Deas air sgàth gu bheil iad ann an Aimearaga Laideannach còmhla. 'S e Spàinntis a tha aig a' mhòrchuid ann an Aimearaga a Deas, ach tha Braisil a' cleachdadh Portagailis (a tha gu math càirdeil ris), agus gheibhear cànanan eile ann: cànanan Eòrpach mar Beurla, Fraingis is Duitseis, agus mòran cànanan tùsach. Ged a tha an àireamh de chànanan tùsach gu math àrd, chan eil ach dà neo trì aig a bheil mòran luchd-bruidhinn ann fhathast - Quechua (cànan Incach) is Guaranaidh (cànan oifigeil ann am Paraguaidh, agus làidir)
|