Bearaig a Tuath
'S e baile ann an Lodainn an Ear a tha ann am Bearaig a Tuath (Beurla: North Berwick).[2] Tha e suidhichte eadar Meall Bhearaig agus eileanan bholcànach mar Fhiodra agus an Creag nam Bathais. Nuair a chaidh eilthirich do Cill Rìmhinn, chaidh iad mar as trice do Bearaig a Tuath gus an aiseag do Earlsferry ann am Fìobha a ghabhail. Thachair deuchainn buidseachd ann an 1591 nuair a rinneadh casaid air boireannach stoirm a chruthachadh gus bàta an Rìgh Seumas VI a chur fodha.[3] Chaidh e na bhaile-turasachd san 19mh linn an dèidh don loidhne rèile gu Dùn Èideann a thogail. Tha mòran raon goilf ann, agus tha cala bòidheach an seo cuideachd. Tha stèisean rèile aig am baile agus tha e a' ceangal Bearaig a Tuath ri Dùn Èideann agus ri bailtean eile ann an Lodainn an Ear mar Bhaile nam Feusgan. Daoine ainmeil
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
|