Share to:

 

Cogadh a' Chaidreachais Thrìpilte

Cogadh a’ Chaidreachais Thrìpilte

Iomairtean a’ chogaidh is fearainn chaillte
Ceann-latha 18641870
Àite Braisil Paraguaidh agus Uruguaidh
Casus belli Malairt
Buil Chaill Paraguaidh
Atharrachadh chrìochan Mato Grosso, Sgìre na h-Aibhnichean Paraná, Paraguay agus Uruguay
Atharrachaidean Thug na dùthchannan eile mòran fhearain bho Pharaguaidh
Luchd-cogaidh
An Argantain Braisil Uruguaidh Paraguaidh
Cinn-fheachda
Diuc Caxias, Iarla Eu, Bartolomé Mitre, Venancio Flores Francisco Solano López
Neart
164,173 30,000 5,583 150,000
na chaidh a leòn 's na chaidh a chall
50,000 – 200,00 10,000 - 50,000 5,000 – 10,000 300,000 – 350,000

‘S e an cogadh na bu mhotha agus na b’ fhuiltiche fad an 19mh Linn ann an Aimearaga a Deas, eadar Paraguaidh air an darna thaobh agus An Argantain, Braisil agus Uruguaidh air an taobh eile, a bh’ ann Cogadh a’ Chaidreachais Thrìpilte (ainm anns an Argantain agus Uruguaidh), Cogadh Pharaguaidh (ainm ann am Braisil) neo An Cogadh Mòr (ainm ann am Paraguaidh). Tha na daoine ann am Paraguaidh agus eachdraichean na làimhe chlì anns an Argantain dhen bheachd gur e An Rìoghachd Aonaichte,[1] a thug iasdan dhan chaidreachas a bha ri cùlaibh a’ chogadh,[2] is Lunnainn ag iarraidh milleadh a dhèanamh dha na gnìomhasan ann am Paraguaidh, ach thathar ag ràdh ann am Braisil, Uruguaidh agus An Argantain, gu h-oifigeil, gur e ionnsaighean Pharaguaidh fhèin a bha na bu choireach.[3]

Thòisich an cogadh ann an 1864 nuair a thug Paraguaidh ionnsaigh air Braisil,[4] is iad a’ dìon Uruguaidh, a bha a’ fulang a' Cogaidh Shìobhalta aig an àm. Thug na trì dùthchannan eile ionnsaigh air Paraguaidh cuideachd, is mhair an cogadh 6 bliadhna. Cha b’ urrainn do Pharaguaidh ruaig a chur air na feachdan sin is chaill iad an cogadh ann an dòigh doirbh, marbhtach: chum An Argantain agus Braisil 169.174 km² dhe fhearainn, is thuit àireamh-sluaigh Pharaguaidh bho 1,525,000 ron chogadh gu 221,000, is dìreach 28,000 fìreanaich nam measg. A bharrachd air sin, b’ fheudar do Pharaguaidh iasadan dhe £3,220,000 a phàigheadh dhan na bancaichean ann an Sasainn. Bha na h-iasadan aig dùthchannan a’ chaidreachais uabhasach àrd cuideachd is bha an sgìre ann an droch staing an eaconomaidh fad bliadhnaichean an dèidh a’ chogaidh.[5]

Iomraidhean

  1. Miguel Angel Centeno, Blood and Debt: War and the Nation-State in Latin America, University Park, PA: Pennsylvania State University Press, 1957
  2. Eduardo Galeano, Las Venas Abiertas de América Latina, ISBN 950-895-094-3
  3. Mflor
  4. Ed Histórica
  5. Mflor

Ceanglaichean A-Mach

Index: pl ar de en es fr it arz nl ja pt ceb sv uk vi war zh ru af ast az bg zh-min-nan bn be ca cs cy da et el eo eu fa gl ko hi hr id he ka la lv lt hu mk ms min no nn ce uz kk ro simple sk sl sr sh fi ta tt th tg azb tr ur zh-yue hy my ace als am an hyw ban bjn map-bms ba be-tarask bcl bpy bar bs br cv nv eml hif fo fy ga gd gu hak ha hsb io ig ilo ia ie os is jv kn ht ku ckb ky mrj lb lij li lmo mai mg ml zh-classical mr xmf mzn cdo mn nap new ne frr oc mhr or as pa pnb ps pms nds crh qu sa sah sco sq scn si sd szl su sw tl shn te bug vec vo wa wuu yi yo diq bat-smg zu lad kbd ang smn ab roa-rup frp arc gn av ay bh bi bo bxr cbk-zam co za dag ary se pdc dv dsb myv ext fur gv gag inh ki glk gan guw xal haw rw kbp pam csb kw km kv koi kg gom ks gcr lo lbe ltg lez nia ln jbo lg mt mi tw mwl mdf mnw nqo fj nah na nds-nl nrm nov om pi pag pap pfl pcd krc kaa ksh rm rue sm sat sc trv stq nso sn cu so srn kab roa-tara tet tpi to chr tum tk tyv udm ug vep fiu-vro vls wo xh zea ty ak bm ch ny ee ff got iu ik kl mad cr pih ami pwn pnt dz rmy rn sg st tn ss ti din chy ts kcg ve 
Prefix: a b c d e f g h i j k l m n o p q r s t u v w x y z 0 1 2 3 4 5 6 7 8 9 
Kembali kehalaman sebelumnya