Danderyd
'S e baile meadhanach air iomall Stockholm, air an àirde an ear na Suaine a th' ann an Danderyd. Tha e suidhichte air Leth-eilean eadar Loch Edsviken agus Loch Störa Värten, aig 22m os cionn ìre na mara,[1] anns an roinn (Suanais: Län) Stockholm,[2] 398km air falbh bho Ghöteborg, 53km bho Uppsala agus 738km bho Bhoden.[3] Chaidh Danderyd a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1291 mar Danarö, a tha a' ciallachadh Innis nan Danmhairgeach sa Ghàidhlig (danskarnas' rör). Tha 31,171 duine a' fuireach ann,[4] is iad an fheadhainn as beairtiche na dùthcha, a phàigheas na cìsean ionadail as àirde na Suaine air fad. Tha oifisean a' Chomhairle ann an Djursholm, faisg air Danderyd fhèin. Freumhan an AinmTha a h-uile coltas ann gur ann à Danarör (Dainmhairgich) agus rjóðr (ruadh) ann an seann Lochlannais a tha an t-ainm.[5] EachdraidhChaidh an sgìre-riaghlaidh a stèidheachadh ann an 1862. Chaochail an neach-ealaine Hilma af Klint an seo ann an 1944, an t-eòlaiche-comainn, riochdaire dioplòmasach agus tè-poileataigs Alva Myrdal ann an 1986 agus an duine aice an t-Eaconamaiche Gunnar Myrdal, a bhuannaich an Duais Nobel ann an 1974, an seo ann an 1987.[6] Daoine Ainmeil
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach |