B' e bàrd, bancair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a bh' ann an Hannes Þórður Pétursson Hafstein.[1] Rugadh e air 4 an Dùbhlachd 1861 ann an gleann air a bheil Hörgárdalur (Norðurland eystra). Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Copenhagen.[2] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1900 agus bha e na labhraiche ann an 1912. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1904 agus 1909 airson Heimastjórnarflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Fhèin-riaghlaidh) agus an uair sin eadar 1912 agus 1914 às leth Sambandsflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh an Aonaidh). Bu dlùth an dàimh a bh' ann eadar Hafstein agus a dheagh charaid Jón Magnússon. Fhad 's a bha Hafstein na mhinistear, chaidh siostam fòn a thoirt dhan dùthaich. Bha Ragnheiður Thors - ogha Hafstein - pòsta aig Jóhann Hafstein. B' e Hafstein a' chiad fhorsætisráðherra Innse Tìle mar dhùthaich fhèin-riaghlach. Chaochail e ann an Reykjavík air 13 an Dùbhlachd 1922.[3]
Caibineit Hafstein
Iomraidhean
- ↑ Alþingi
- ↑ Menntaskólinn í Reykjavík
- ↑ Gardur
Ceanglaichean a-mach