Joris van der Haagen
B' e Joris van der Haagen (Ainm slàn: Joris Abrahamsz van der Haagen, Arnhem neo Dordrecht, mu 1615–Den Haag, 23 an Cèitean 1669)[1] peantair ainmeil às Na Tìrean Ìsle.[2] Rugadh e anns Na Tìrean Ìsle ri linn Poblachd nan Seachd Roinnean Aonaichte, nuair a bha an dùthaich uabhasach beairteach. Bha na e speisealach anns na seallaidhean-tìre. BeathaB' e peantair a bh'ann athair, Abraham, agus dithis mhac aige, Cornelis agus Jacobus cuideachd. Tha e coltach gun d'fhuair a chuid treànaidh san ealain bho athair ann an Arnhem fhèin ach tha fios againn gu robh e ag obair mar pheantair ann an Den Haag ann an 1640, bliadhna an dèidh bàs athar, agus phòs e ri Magdalena Tijmensd De Heer (1620–1676) an siud.[3] Cho-obraich e le peantair eile, Dirck Wyntrack, a bha na speisealach ann an eun-uisge. Dhèanadh van der Haagen na seallaidhean-tìre agus tharraingeadh Wyntrack dealbhan nan eun 's a leithid.[4] Iomraidhean
|