Lund
'S e baile[1] mòr air an àirde an iar-dheas na Suaine a th'ann an Lund (IPA: lɵnd, Liotuànais: Lundas, Laideann: Lunda). Tha e suidhichte air faisg air Malmö, aig 51m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn (Suainis: län) Skåne,[3] 497km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 531km bho Uppsala, 236km bho Göteborg, 49km bho Helsingborg, agus 1,215km bho Bhoden.[4] Tha 82,800 duine a' fuireach anns a'bhaile fhèin agus 112,950 san sgìre air fad.[5] 'S e an 11mh baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd.[6] Freumhan an AinmGed nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à lundr (Gàidhlig: coille) ann an Lochlannais a tha an t-ainm.[7] EachdraidhThathar dhen bheachd gun do stèidheachadh Lund mu 990 agus thogadh cathair-eaglaise an seo bho 1090 gu 1145.[8] A bharrachd air sin, chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1666, am fear as motha ann an Lochlann air fad gus ar làithean.[9]Chaochail an cànanaiche Nils Holmer - a bha na oileanach agus na ollamh aig Oilthigh Lund - an seo ann an 1994. Daoine AinmeilBailtean co-cheangailteIomraidhean
Ceanglaichean a-mach |