Sjálfstæðisflokkurinn
'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs na làimhe deise a th' ann an Sjálfstæðisflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd).[1] Tha am pàrtaidh seo air a bhith na phàrtaidh as motha san dùthaich gu ìre mhòr stèidhichte air na bhòtaichean taghaidh a fhuair e ann an taghaidhean gach cuid don Alþingi (pàrlamaid) agus do chomhairlean ionadail. 'S e Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd cuideachd am pàrtaidh aig a bheil a' mhòr-chuid de bhuill clàraichte do phàrtaidh sam bith san dùthaich. B' e 48.0% am figear as motha a fhuair iad a-riamh, air ais ann an 1933, ach b' e a' chuid bu mhiosa ann an 2009 nuair bach d'fhuair iad ach 23.7% às deidh tuiteam bancaidh ann an Innis Tìle as t-fhoghar 2008. Tha Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd air pàirt a ghabhail ann an 22 de na 31 riaghaltasan a chaidh a chruthachadh on a chaidh am pàrtaidh fhèin a stèidheachadh ann an 1929, agus a thug seachad 15 dhiubh.[2] Bha Sjálfstæðisflokkurinn anns an riaghaltas ann an co-bhann le Alþýðuflokkurinn bho 1959 gu ruige 1971. Tha e air a bhith a' leantainn cha mhòr 45% anns a' bhaile agus riaghaltas ionadail bho chaidh a stèidheachadh. Ann an Reykjavík, bha mòr-chuid fìor aig a' phàrtaidh airson deicheadan, suas gu 1978 agus a-rithist bho 1982 gu 1994. Tha Sjálfstæðisflokkurinn san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Vinstrihreyfingin - grænt framboð agus Framsóknarflokkurinn. Dh'fhàg Þorgerður Katrín Gunnarsdóttir, a bha na ministear dà thuras, am pàrtaidh ann an 2016.
Prìomh-mhinistearanTha naoinear Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo:
Ceanglaichean a-muighIomraidhean
|