Tartu
‘S e baile mòr faisg air Viljandi, air an àirde an ear-dheas Eastòinia a th' ann an Tartu[1] (Fionnlannais: Tartto, Gearmailtis: Dorpat, Laideann: Tarbatum). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Emajõgi, eadar Loch Võrtsjärv agus Loch Peipsi-Pihkva järv, 39m os cionn ìre na mara,[2] anns an roinn Tartu maakond, 165km air falbh bho Tallinn (prìomh-bhaile na dùthcha), 140km bho Narva, 119km bho Kohtla-Järve agus 129km bho Phärnu.[3] Chaidh Tartu a chlàradh airson a' chiad turas ann an 1030 agus chaidh Oilthigh, air an robh Academia Gustaviana, a stèidheachdh an seo ann an 1632[4] leis an Righ Gustav Adolf den Store, nuair a bha Eastòinia fo bhuaidh na Suaine.[5] Tha 101,092 duine a' fuireach ann.[6] 'S e an dàrna baile as motha na dùthcha a th'ann cuideachd.[7] Daoine Ainmeil
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach |