Wuppertal
'S e baile mòr gnìomhachail faisg air Düsseldorf air an àirde an iar na Gearmailt a th' ann an Wuppertal (IPA: ˈvʊpɐtaːl). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Wupper, aig 160 m os cionn ìre na mara, anns an raon gnìomhachais Ruhrgebiet, san stàit (Gearmailtis: Land) Nordrhein-Westfalen. Tha 355,004 duine a' fuireach ann.[1] EachdraidhChaidh Wuppertal a chruthachadh ann an 1929 nuair a dh' aontachadh Beyenburg, Barmen, Cronenberg, Elberfeld, Langerfeld, Ronsdorf agus Vohwinkel ann an aon bhaile. Aig an toiseach-tòisichidh chanadh Barmen-Elberfeld ris, ach bhot muinntir an àite airson ainm ùr - Wuppertal - a tha a' ciallachadh Gleann Wupper. Chaidh na coimhearsnachd sin uile a chlàradh airson a' chiad turais anns na meadhan aoisean, mar a leanas: Cronenberg (1050), Barmen (1070), Elberfeld (1161), Ronsdorf (1246), Beyenburg (1298), Langerfeld (1304), agus Vohwinkel (1356). Bhuinneadh cha mhor a h-uile gin dhiubh do dh' Àrd-diùcachd Bherg.[2] Thogadh campa-prìosain tràth an seo, air an robh KZ Kemna, a bha ag obrachadh eadar 1933 agus 1934. B' e àite far a phrìosanachadh daoine a bha an aghaidh Nàsachd.[3] Sheas cuid a dhaoine na Gearmailt an aghaidh Adolf Hitler an seo ann an 1934, nuair a chuir buidheann de Crìosdaidhean ainmean dhan Barmer Theologische Erklärung (Gàidhlig: Foirgheall Diadhaireach Bharmen), a thuirt nach b' urrainn do Chrìosdaidhean a ghabhail ri Nàsachd idir. Daoine ainmeil
Bailtean co-cheangailteCeanglaichean a-machIomraidhean
|