Emmanuel Mané-Katz
B' e peantair eas-prèiseanasach agus neach-teagaisg Ucràineach/Fraingeach/Iosraeleach a dhèanadh fòcas air beatha nan Iùdhach san Shtetl a bh' ann an Emmanuel Mané-Katz (Fìor ainm: Mane Leyzerovich Kats, Ucràinis: Кац Мань Лейзерович, Eabhra: מאנה כץ, Kremenchuk, 5 an t-Ògmhios 1894 - Tel Aviv, 8 an t-Sultain 1962).[1] Bhuinneadh e do theaghlach traidiseanta Iùdhach Litvak: bha athair na chamach ann an sionagog agus bhathar an dùil gum biodh Mané-Katz na rabbi.[2] Fhuair e a chuid foghlaim aig sgoiltean-ealaine ann an Vilnius, Myrhorod, Kyiv, Sankt Peterburg agus Paris. Bha e cuideachd na neach-teagaisg ealain ann an Kharkiv. Thug e pàirt ann an thaisbeanaidhean ann an Sankt Peterburg, Kharkiv, Rostov na Donu agus Tbilisi. Thill e dhan Fhraing an dèidh A' Cogaidh Mhòire far an robh e an sàs ann an cearcall luchd-ealaine Iùdhaich, còmhla ri Amedeo Modigliani agus Chaim Soutine, fo sgàile École de Paris. Chuir e seachad a bheatha a' fuireach agus ag obair ann am Paris, ach dheidheadh e gu Iosrael gach uile bliadhna agus 's ann ann an Haifa far a bheil an taigh-tasgaidh Mané-Katz.[3] Iomraidhean
|