Myrhorod
'S e baile mòr eadar Poltava agus Kharkiv anns An Ucràin a th' ann am Myrhorod (Ucràinis: Ми́ргород, Pòlais: Mirgorod). Tha e suidhichte air an àirde an ear-thuath na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Khorol, san roinn Poltavska Oblast. Tha 41,793 duine a' fuireach ann. Freumh-fhaclachd'S ann à dà fhacal ann an Ucràinis 's a tha an t-ainm: мир (Gàidhlig: Sìthe) agus город (Gàidhlig: cathair). EachdraidhChaidh am baile a stèidheachadh uaireigin san 12mh Linn no 13mh Linn. Bhuinneadh e dhan A' Phòlainn agus Liotuàinia eadar 1471 agus 1667. Bha e na gharrasadan nan Cosagach san 17mh Linn. B' ann ann am Myrhorod far an d' fhuair am peantair Emmanuel Mané-Katz pàirt dhen fhoghlam aige ann an ealain.[1] Bha Myrhorod fo sgàile is fo bhuaidh nan Nàsach bho 1941 gu ruige 1943 Ann an 1991, thàinig e gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine. Eòlas-sluaighA rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2001, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann am Myrhorod a' bruidhinn (88.26%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (11.34%).[2] Daoine Ainmeil
Bailtean Co-cheangailteIomraidhean
Ceanglaichean a-mach |