GwyneddGwynedd
'S e fear de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Gwynedd [ˈɡwɨnɛð]. Tha e suidhichte san iar na dùthcha agus tha e cho mòr ri 2.535km² [1] agus ann an 2012 bha 122.142[1] duine a' fuireach ann. 'S e Gwynedd an dàrna roinn as motha anns a' Chuimrigh, ach chan eil mòran daoine a' fuireach ann. Tha Cuimris aig mòran dhiubh. Tha oilthigh Prifysgol Bangor (Bangor University) ann am Bangor. Cruth na tìreTha an leth-eilean Llŷn ainmeil air sgàth 's na Tèarmannan Nàdair Nàiseanta aca. Mu 1.9 mìle (3.1 km) san iar-dheas Llŷn tha an t-eilean Ynys Enlli ann, an ceathramh eilean as motha anns a' Chuimrigh. S e àite cudromach a thaobh creideamh a th' ann agus tha Ynys Enlli ainmeil airson fiadh-bheathaichean cuideachd. Chaidh am Pàirce Nàiseanta Snowdonia a chur air bhonn ann an 1951. EachdraidhGu eachdraidheil tha e stèidhichte air an seann Rìoghachd Gwynedd [2] (Laideann: Venedotia no Norwallia; Cuimris mheadhanach: Guynet) a bh' ann bhon 5mh linn a-mach gu 1216. Mar sin thèid an t-ainm Gwynedd a chleachdadh cuideachd gu eachdraidheil is cultarach airson roinn nas farsainge, roinn a ghabhas Ynys Môn cuideachd, ann an ceann a thuath na Cuimrigh . BailteanSeo cuid de na bailtean ann an Gwynedd:
Dealbhan
Iomraidhean
Abertawe • Blaenau Gwent • Bro Morgannwg • Caerffili • Casnewydd • Castell-nedd Port Talbot • Caerdydd • Ceredigion • Conwy • Gwynedd • Merthyr Tudful • Pen-y-bont ar Ogwr • Powys • Rhondda Cynon Taf • Sir Benfro • Sir Ddinbych • Sir Fynwy • Sir Gaerfyrddin • Sir y Fflint • Torfaen • Wrecsam • Ynys Môn |