Sir Gaerfyrddin'S e aon de na 22 ùghdarrasan ionadail aonadach anns a' Chuimrigh a th' ann an Sir Gaerfyrddin, gu goirid: Sir Gâr (Beurla: Carmarthenshire). Tha e suidhichte san àirde an iar-dheas na dùthcha agus tha e cho mòr ri 2.371km².[1] Ann an 2012 bha 184.317 duine a' fuireach ann.[1] Tha a' chuid as motha den t-sluagh a' fuireach ann an agus timcheall air Llanelli, ach 's e Caerfyrddin teis-meadhan rianachail Sir Gaerfyrddin. A rèir a' chunntais-shluaigh ann an 2001 bha comas labhairt, leughaidh is sgrìobhaidh na Cuimris aig 39% dhiubh. Cruth na dùthchaTha cruth na dùthcha làn aonaichean is beanntan, tha pàirt den Fforest Fawr is nan Black Mountain san ear na sgìre, agus na Cambrian Mountains san ceann a tuath. 'S e Fan Brycheiniog, 2,631 tròigh (802 m) an t-àite as àirde. Ann an ceann a deas Sir Gaerfyrddin tha mòran bailtean iasgaich is tràighean gainmheil ann. Mar sin tha tha àiteachas, coilltearachd , iasgach is turasachd nan gnìomhasan as cudromaiche don sgìre. BailteanSeo cuid de na bailtean ann an Sir Gaerfyrddin: Dealbhan
Iomraidhean
Abertawe • Blaenau Gwent • Bro Morgannwg • Caerffili • Casnewydd • Castell-nedd Port Talbot • Caerdydd • Ceredigion • Conwy • Gwynedd • Merthyr Tudful • Pen-y-bont ar Ogwr • Powys • Rhondda Cynon Taf • Sir Benfro • Sir Ddinbych • Sir Fynwy • Sir Gaerfyrddin • Sir y Fflint • Torfaen • Wrecsam • Ynys Môn |