Astatain
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an astatain le samhla At agus àireamh atamach 85.[1] Tha e cho rèidio-bheò 's gum biodh sampla faicsinneach a' deatachadh leis an rèididheachd agus tha na feartan astatain fhathast mì-shoilleir. Tha astatain glè rèidio-bheò agus cha lorgar seo ann an àrainneachd. Rinneadh caractarachd ri 37 iosatòpaichean de dh'astatain. Tha an leth-bheatha aig an iosatòp as seasmhaiche, 210At, 8.1 uairean a thìde. EachdraidhAnn an 1940 rinn Dale R. Corson, Kenneth Ross MacKenzie agus Emilio G. Segrè astatain aig an Oilthigh Chalafòrnia, Berkeley le greasadair-mhìrean. Dh'ainmich iad astatain air a' Ghreugach ἄστατος, "neo-sheasmhach". CleachdadhTha luchd-saidheans a' rannsachadh astatain-211 ann an gath-leigheas. 'S e tobar mìrean-alpha a tha ann agus tha a leth-bheatha 7.21 uairean a thìde. Mar aidhodain, tha astatain a' co-chàrnadh anns a' fhàireag sgiathach. Iomraidhean |