Copar
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an copar le samhla Cu agus àireamh atamach 29. 'S e meatailt trastach a tha ann. Gheibh e cho-leaghadh le meatailtean eile. EachdraidhBha copar aithnichte ann an ro-eachdraidh. Thionnsgaileadh leaghadaireachd ann an Anatòilia mu 7500 RC agus dòighean co-mheatailtean a dhèanamh, mar umha, 4000 bliadhna nas fhaide nuair a thòisich an Linn an Umha. CleachdadhTha copar sònraichte leis a' bhacadh ìosal a chuireas e air sruthan dhealain agus mar sin thèid a' cleachdadh gu mòr a dhèanamh teudan dealanachd. Cleachdar copar gus mar eisimpleir uèir, buinn airgid, agus pìoban-uisge a dhèanamh. Co-mheatailtean cudromachTha copar na bun mheatailt de na co-mheatailtean cudthromach prais agus umha. Is e a tha ann an prais co-mheatailt de copar agus sinc, tha na riochdan de copar agus sinc ag aobharachadh feartan eadar-dhealaichte air praisean. Tha 60/40 prais cumanta. Is e a tha ann an umha co-mheatailt de copar agus staoin. IomraidheanInformation related to Copar |