Flerovium
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann am flerovium le samhla Fl agus àireamh atamach 114. 'S e meatailt glè rèidio-bheò agus fuadain a tha ann. Tha rannsachaidhean air a' chumhachd-thàlaidh eadar ataman de fhlerovium agus uachdar de dh'òr a thomhas agus leig iad ris gu bheil flerovium coltach ri mhearcair.[2] Mhol na ùghdaran gur e "meatailtean bheòthail", seòrsa ùr de eileamaidean, a tha ann an copernicium agus flerovium. Rinneadh caractarachd ri 6 ioso-topaichean de fhlerovium. Tha 289Fl, le leth-bheatha 2.6 diogan, as seasmhaiche.[3] EachdraidhAnn an 1998 rinn an sgioba Yuri Oganessian aig an Co-instititud airson Rannsachadh Niùclasach ann an Dubna atam de fhlerovium. Bhuail iad niùclasan plutonium-244 le niùclasan calcium-48 agus rinn iad 289Fl. Dh'ainmich iad e air an Deuchainn-lann Flerov airson Iom-obraichean Niùclasach, a dh'ainmicheadh air Georgi Fliorov, fiosagaiche às an Ruis. CleachdadhTha flerovium glè thearc agus chan eil cleachdaidhean ann. Iomraidhean
|