Tungstan
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann an tungstan le samhla W agus àireamh atamach 74. 'S e meatailt trastach cruaidhe agus dùmhail a tha ann. Tha an t-ainm a' dol às an Suainis tung sten, "clach trom". Tha còig iosatòpaichean nadarra ann, 182W, 183W, 184W, is 186W (seasmhach) agus 180W, le leth-bheatha de 1018 bliadhna. EachdraidhAnn an 1781 b' e "tungstan" an t-ainm air calcium tungstat, CaWO4 agus lorg Carl Wilhelm Scheele gum b' urrainn dha searbhag tungstaig a dhèanamh bhuaithe. Ann an 1783 aig an Comainn Baisg Rìoghail rinn José Elhuyar agus Fausto Elhuyar searbhag tungstaig bho wolframait agus gu deireadh rinn iad tungstan fìor-ghlan bhon t- searbhaig seo agus gual-fiodha. Dh'ainmicheadh calcium tungstat "scheelit" air Scheele. CleachdadhCleachdar tungstan carbaid mar sgrìobadan, ann an aloidhean agus ann am bolgannan seann-fhasanta mar fhileamaid. Iomraidhean |