Barium
'S e eileamaid cheimigeach a tha ann am barium le samhla Ba agus àireamh atamach 56. 'S e meatailt talmaidh alcaileach a tha ann. Tha e bog agus ag iom-obrachadh gu sgiobalta ann an adhair. Tha an feartan eile coltach ri na de strontium is calcium. EachdraidhAnn an 1774 dhearbhaich Carl Wilhelm Scheele gun robh barait, no barium sulfat, a' cumail eileamaid ùr. Ann an 1808 rinn Humphry Davy barium fìor-ghlan nuair a chuir e sruth dealain tro shalainn barium leaghte. Dh'ainmich e barium air barait. Tha an t-ainm "barait" a' dol às a' Ghreugais βαρύς no "trom". CleachdadhCleachdar barium sulfat mar stuth iomsgaraidh. Tha e a' dèanamh stuth bodhaig faicsinneach ann an ìomhaighean gath-x. Cleachdar e cuideachd ann an teintean-ealain. Tha e a' toirt gath uaine do na sradan. Iomraidhean |