Haidridean
S e eileamaid cheimigeach a tha ann an haidridean le samhla H agus àireamh atamach 1.[2] 'S e gas dà-atamach aig an teothachd sheòmair a tha ann. 'S e an atam as aotruime agus as lugha a tha ann an atam haidridein. Tha trì iosatòpaichean cumanta de haidridean, 1H (seasmhach),[3] 2H no deuterium (seasmhach) agus 3H no tritium le leth-bheatha 4500 làithean.[4] TaisgealadhAnn an 1671 dh'ainmich Henry Cavendish an gas a tha an iom-obrachadh eadar meatailtean agus searbhag "adhar lasanta". Ann an 1783 dh'ainmich Antoine Lavoisier an gas sin "hydrogène" o chionn 's gu bheil haidridean a' cinneasachadh uisge nuair a tha i a' losgadh. Reul-eòlasAnns an tràchdas aice, dhearbhaich Cecilia Payne-Gaposchkin gu bheil a' Ghrian agus na reultan eile dèanta de haidridein. CleachdadhTha am pròiseas Haber a' cruthachadh amòinia airson stuth-mathachaidh is stuth-spreadhaidh à haidridean agus naitridean. Chleachdadh haidridean ann an longan-adhair ach tha e ro spreadhach. An dèidh don spreadhaidh an luing-adhair Hindenburg ann an 1937 tha longan-adhair a' cleachdadh helium. Cleachdar deuterium ann an readhactaran niùclasach agus ann an speactromachd. Cleachdar tritium airson solasachadh ann an uaireadairean agus soidhnichean. Iomraidhean
|